On this page:

Foghlam meadhan-Gàidhlig

Tha taic an Riaghaltais don Gàidhlig a' toirt fìor phrìomhachas do fhoghlam meadhan-Gàidhlig (GME). Tha sgrìobhainn poileasaidh an Riaghaltais "Building a better Scotland ", a' mìneachadh a' phoileasaidh airson Gàidhlig mar "taic do chànan agus cultar na Gàidhlig - cuideachadh le neartachadh agus cumail suas na coimhearsnachd Ghàidhlig".

Tha an t-uallach airson ullachadh foghlam meadhan-Gàidhlig air na h-ùghdarrasan foghlaim fon reachdas foghlaim. Tha riaghailtean a chaidh an dèanamh ann an 1986 a' toirt ùghdarras do Mhinistearan na h-Alba tabhartasan a phàigheadh do ùghdarrasan foghlaim airson foghlam Gàidhlig. 'S e a' Ghàidhlig an t-aon chànan teagaisg (a bharrachd air Beurla) dom bheil an Riaghaltas a' toirt seachad maoineachadh sònraichte. Tha tabhartasan sònraichte air am meudachadh gu £3.034m thar nan 5 bliadhna mu dheireadh. A thuilleadh air sin, tha £0.4m air a chur ri foghlam meadhan-Gàidhlig ro-sgoile.

'S e a' Ghàidhlig an t-aon chànan teagaisg (a bharrachd air Beurla) dom bheil an Riaghaltas a' toirt seachad maoineachadh sònraichte. Tha tabhartasan sònraichte air am meudachadh gu £3.034m thar nan 5 bliadhna mu dheireadh. A thuilleadh air sin, tha £0.4m air a chur ri foghlam meadhan-Gàidhlig ro-sgoile.

Leasachadh GME

Tha an Riaghaltas air ceuman a ghabhail gus foghlam Gàidhlig a neartachadh le bhith a' cur na Gàidhlig ann am frèam nam Prìomh-amasan Nàiseanta airson foghlaim.

Tha an Riaghaltas airson a bhith a' sgrùdadh agus a' tomhas na h-ìre gu bheil ùghdarrasan foghlaim a' coinneachadh ri iarrtas phàrantan airson foghlam meadhan-Gàidhlig. Tha Achd Inbhean ann an Sgoiltean na h-Alba etc 2000 a' cur riatanas air Ùghdarrasan Ionadail a bhith a' cur am planaichean airson frèam foghlam meadhan-Gàidhlig sa chunntas bhliadhnail air amasan leasachaidh.

'S e maoineachadh airson an sgeama bho Riaghaltas na h-Alba £3,034,000 airson 2003-04, àrdachadh de £800,000 bho 1998-99.

Tha £1m a bharrachd air a chur gu leasachadh Gàidhlig ann an 2003-04, le Bòrd Gàidhlig a' toirt beachd air dè an àireamh sa cheud a bu chòir a bhith air a thoirt do fhoghlam meadhan-Gàidhlig.

Cothrom air GME

Tha àite aig Gàidhlig a-nis aig gach ìre de fhoghlam: ro-sgoil, bunsgoil, àrdsgoil, foghlam adhartach agus àrd-ìre, agus mar phàirt de thrèanadh thidsear. Tha cothrom air Gàidhlig cuideachd bho luchd-ionnsachaidh aig ìre bunsgoile, àrdsgoile agus foghlam inbheach. Tha iomadh comharra shoilleir ann a-thaobh GME. Tha àireamhan a' dol suas, tha coileanadh fìor mhath, tha luchd-teagaisg dealasach ann, tha stòras a' dol am feobhas, tha barrachd thidsearan gan trèanadh, tha lìonradh thidsearan Gàidhlig air a stèidheachadh agus tha deagh chomharran ann air co-obrachadh eadar bhuidhnean.

Tha sgoilearan a' faighinn buannachd a bhith dà-chànanach agus a' faighinn cothrom air dà chultar (Aithisg Johnstone, 1999). Tha coileanadh ann am foghlam meadhan-Gàidhlig cuideachd fìor mhath.

Airson fios a chur gu sgoiltean le goireasan airson teagasg Gàidhlig san sgìre agaibh, cuiribh brath chun an Riaghaltais: 0131 556 8400 no 08457 741 741 (aig ìre ionadail air feadh na RA) Diluain-Dihaoine 9m-5f.

Tidsearan

Tha ceuman air an gabhail gus an dìth thidsearan airson foghlam meadhan-Gàidhlig a leasachadh. Am-bliadhna bidh 25 tidsearan Bunsgoile agus 4 tidsearan Àrdsgoile a' ceumnachadh.

An dèidh comhairle bhon Riaghaltas, thug Comhairle Maoineachaidh Foghlam Àrd-ìre na h-Alba (SHEFC) 10 àiteachan do Oilthigh Shrath Chluaidh ann an 2001-2002 a dh'aona ghnothaich airson taic a thoirt do fhoghlam meadhan-Gàidhlig bunsgoile. Chaidh na h-àireamhan a thòisich air PGCE (Bunsgoil) aig Oilthigh Shrath Chluaidh suas bho 6 gu 12.

Cheumnaich 17 tidsearan le Gàidhlig (airson teagasg bunsgoile) ann an 2002, meudachadh de 5 a bharrachd air an àireamh a fhuair barantas ann an 2001. Tha 10 àiteachan eile air an toirt seachad airson 2002-03, 5 do Srath Chluaidh agus 5 do Oilthigh Obar Dheathain. Thug an Riaghaltas maoineachadh do Chomunn na Gàidhlig (Am Buidheann Leasachaidh Gàidhlig) gus teagasg tro mheadhan na Gàidhlig a chur air adhart mar dhreuchd.

Aireamhan

Ann an 2003-04 bha 1972 sgoilear ann am foghlam meadhan-Gàidhlig sa bhunsgoil agus 284 GME san àrdsgoil. Bha 1974 sgoilear sna clasaichean fileanta san àrdsgoil. Bha 36 àrdsgoil a' tabhann Gàidhlig airson fileantaich agus 15 a' tabhann GME.

Ann an 2003-04 bha 2513 neach-ionnsachaidh san àrdsgoil. B' e an àireamh a bha a' dèanamh Àrd-Ìre Luchd-ionnsachaidh agus An Àrd Ìre Adhartach 124 agus 38.

Page updated: Monday, February 12, 2007