On this page:

Gn?Brn Airson ? ann an Alba 2007

« Previous | Contents |

Listen

Gnè Bùrn Airson Òl ann an Alba 2007

'S i seo an t-siathamh aithisg bhliadhnail a chaidh ullachadh le Riaghlaiche Gnè Bùrn airson Òl ann an Alba ( RGBO) do Mhinisteirean Pàrlamaid na h-Alba. Tha i a' taisbeanadh agus a' dèanamh lèirmheas air an fhiosrachadh a tha air a thoirt seachad le Uisge na h-Alba fo riaghailtean 2001 co-cheangailte ri Solarachadh Bùirn (Gnè Bùirn) (Alba) agus a' cnuasachadh gach dèiligeadh a bha eadar an RGBO agus Uisge na h-Alba eadar 1 Faoilleach agus 31 Dùbhlachd 2007. Tha an aithisg cuideachd a' taisbeanadh agus a' dèanamh lèirmheas air fiosrachadh mu sholarachadh prìobhaideach le na h-Ùghdarrasan Ionadail. Tha Earrann 3 den aithisg seo a' còmhdach gnè bùrn airson òl aig ìre nàiseanta, a' rannsachadh gnè a' bhùirn bho thùs, tro uidheam giullachd, agus tro phìoban chun an neach a bhios ga òl. Tha Earrann 4 a' briseadh an t-suidheachaidh nàiseanta sìos gu na còig roinnean air leth de dh'Alba a tha air an còmhdach le pannal de Waterwatch Scotland agus tha e cuideachd a' toirt fiosrachadh mu ghnè a' bhùirn a tha a' ruighinn dhachaighean an t-sluaigh ann an roinnean gach ùghdarras ionadail.

Tha am fiosrachadh mu bhùrn a sgaoil Uisge na h-Alba ann an 2007 a' sealltainn gun deach 363,451 dearbhadh a dhèanamh air bùrn a chaidh a thoirt bho uidheam giullachd, loch-tasgaidh no tap ann an dachaigh. Bha 99.77% de na 167,552 dearbhaidhean a chaidh a dhèanamh air bùrn bho thap a rèir nan riaghailtean, piseach air an t-suidheachadh ann an 2006. Bha 393 de dhearbhaidhean nach robh a' ruighinn na h-inbhe a bha air iarraidh le riaghailtean 2001 a thaobh bùrn airson òl. Mar a bha fìor anns na bliadhnaichean ron seo, b' e ìre coliform agus trihalomethane a bu choireach gun do dh'fhàillig cuid.

Thàinig piseach air gèilleadh do phrìomh ìrean meanbh-bhith-eòlas ann an 2007. Dh'fàillig 78 taghadh aig tap le lobhagan coliform agus bha E.coli ann an 5 taghaidhean, piseach mòr air an 114 agus 9 a chaidh a lorg de na dearbh nithean sin ann an 2006. Tha fiosrachadh a' dol air ais gu 2002, nuair a chaidh Uisge na h-Alba a chruthachadh, air a shealltainn ann am Figear 2.1. Tha am fiosrachadh sin a' sealltainn gu soilleir piseach ann an ìre meanbh-bhith-eòlas.

Figear 2.1. Geàrr-chunntas de Dhearbhaidhean Meanbh-bhith-eòlas air Taghaidhean Bùrn Tap bho 2002

Figear 2.1. Geàrr-chunntas de Dhearbhaidhean Meanbh-bhith-eòlas air Taghaidhean Bùrn Tap bho 2002

Chaidh dearbhadh farsaing a dhèanamh air bùrn bho thùs agus bùrn bho uidheam giullachd airson Cryptosporidium ann an 2007, a rèir iarrtasan Crypotsporidium (Uisge na h-Alba) 2003. Chaidh dearbhadh a dhèanamh air 11,393 eisimpleir de bhùrn bho 300 uidheam giullachd. Bha Cryptosporidium ann an 927 (8.1%) dhiubh sin, àrdachadh beag bho 2006.

Tha RGBO a' faighinn fiosrachadh bho Uisge na h-Alba mu thachartasan a dh'fhadoadh buaidh a thoirt air gnè bùrn airson òl. Ann an 2007, chaidh 64 tachartasan a-mach à 1,407 a rannsachadh. A chionn gun robh an samhradh cho fliuch, chaidh rabhadh a thoirt seachad grùnn uairean gum bu chòir bùrn a bhith air a ghoil an dèidh Cryptosporidium oocysts a bhith air an lorg ann an àitean far nach robh an uidheam giullachd comasach air am bùrn a chumail glan.

Ann an 2007, fhuair Uisge na h-Alba fios bho 26,702 neach air an robh uallach mu ghlainead a' bhùirn. Bha an àireamh sin sìos 16% air 2006. Bha uallach air a' chuid mhòr de na daoine sin (37.4%) mu dhath a' bhùirn.

Gnè Bùrn airson Òl anns an Iar Thuath

Giullachd

Thàinig piseach mhòr san Iar Thuath air an ìre gu bheil am bùrn a' cumail ri iarrtasan meanbh-bhith-eòlas, 's dòcha air sgàth an obair mhòr a tha a' dol air adhart gus uidheamachd giullachd ùrachadh. Cha deach coliform fhaighinn ach ann an 8 eisimpleirean ann an 2007 an coimeas ri 28 ann an 2006, agus tha an aon phiseach ri fhaicinn a thaobh E.coli. Chaidh fàilligeadh ruaimleachd aig ionadan giullachd a ghearradh mu leth ann an 2007, ged a chaidh cus nitrite a lorg dà thuras aig Backies WTW. Cha robh fàilligeadh idir san Iar Thuath sa bhliadhna ron sin.

Sgaoileadh

Aocoltach ri roinnean eile de dh'Uisge na h-Alba, thàinig piseach mòr air cumail ri ìre meanbh-bhith-eòlas aig lochan-tasgaidh san Iar Thuath. Gu sònraichte, cha deach E.coli fhaighinn ach ann an 4 eisimpleirean, sìos bho 19 ann an 2006. Ràinig gach ionad-stòraidh an ìre a bha air iarraidh (95%) a rèir inbhe coliform.

Anns an uidheam sgaoilidh, tha uallach air daoine mu Loch Aic ann an Earra-Ghàidheil a thaobh ìre manganese. Tha manganese anns a' bhùrn a tha a' tighinn don ionad giullachd. A chionn nach eil dòigh air a thoirt às an uisge an sin, tha e a' dol don uidheam sgaoilidh, a' ciallachadh gu bheil e a' toirt droch dhath air a' bhùrn. Tha Riaghlaiche a' Bhùirn a' cur impidh air Uisge na h-Alba leasachadh a thoirt air an t-suidheachadh, mun co-èignichear iad gu sin a dhèanamh.

Fios bho Luchd-cleachdaidh

Fhuair roinn an Iar Thuath de dh'Uisge na h-Alba 3,107 brath bho luchd-cleachdaidh. 67.8 airson gach 10,000 neach. Tha sin faisg air an àireamh airson Alba gu lèir. B' ann mu dhath a' bhùirn a bha a' chuid mhòr de na gearainean sin, le cuid eile a' gearain mu shalchar, iarann no manganese. Ghearain mòran dhaoine cuideachd ann an Assainte, Badentinan agus Inbhir Nis.

Droch Ghnè Bùirn

Ann an 2007, bha 42 fàilligeadh ann an gnè a' bhùirn san Iar Thuath. Bha a' chuid mhòr dhiubh sin (69%) air sgàth fàilligeadh anns an t-siostam glanaidh. Gu ìre, tha sin air sgàth 's gu bheil àireamh mhòr de dh'uidheaman beaga sgapte air feadh na sgìre farsaing seo. 'S e glanadh glè shìmplidh a tha na h-ionadan sin a' toirt seachad. Cha bu chòir ìre àrd de Cryptosporidium a bhith ri fhaighinn aig Inbhir Ionaid oir tha am bùrn sin a nis air a ghlanadh le ionad giullachd a' Chaoil. Tha Riaghlaiche a' Bhùirn a' còmhradh ri Uisge na h-Alba mu lughdachadh a dhèanamh air a' chunnart gum faigh Cryptosporidium don bhùrn aig Blàr nam Marbh agus Na Torran.

Comhairle Earra-Ghàidheil & Bhòid

Comhairle Earra-Ghàidheil & Bhòid

Comhairle na Gàidhealtachd

Comhairle na Gàidhealtachd

Comhairle Mhoireibh

Comhairle Mhoireibh

Gnè Bùrn airson Òl sna h-Eileanan

Giullachd

Ann an 2007, thàinig piseach air na h-eisimpleirean aig ionadan giullachd ann an Arcaibh, Sealtainn agus na h-Eileanan an Iar. Chaidh E.coli a lorg aig Ronaldsay a Tuath ann an Arcaibh agus bha e co-cheangailte ris an tachartas san Lùnastal 2007, mum leughar gu h-ìosal. Chaidh aon eisimpleir de bhùrn salach fhaighinn aig Cullivoe air Yell ann an Sealtainn. Chan eil an t-ionad giullachd seo aig an ìre iomchaidh a thaobh nithean eile agus tha Uisge na h-Alba an dùil cur às dha nuair a lùghdaicheas iad na trì ionadan giullachd air Yell.

Sgaoileadh

Thàinig piseach air an ìre meabh-bhith-eòlas sna h-Eileanan ann an 2007. Chaidh coliform fhaighinn aig naoi ionadan stòraidh. Bha an dà eisimpleir de E.coli aig an ionad Holland air Ronaldsay a Tuath (co-cheangailte ri tachartas an Lùnastail).

Chaidh iarann agus manganese fhaighinn anns a' bhùrn an Sealtainn. Dh'fhàillig àireamh de dh'eisimpleirean aig Cullivoe air Yell, gu sònraichte air sgàth uireasbhaidh san ionad giullaidh. Chaidh iarann agus manganese fhaighinn cuideachd anns a' bhùrn an Lerwick agus tha obair leasachaidh a' gabhail àite an sin. Chaidh fìor dhroch dhath air a' bhùrn ann an sgìre Lover's Loan den bhaile a leasachadh an dèidh obair a chaidh a sparradh le Riaghlaiche a' Bhùirn.

Fios bho Luchd-cleachdaidh

Ghearain barrachd dhaoine sna h-Eileanan mu gach gnè den bhùrn, ach gu sònraichte mu dhroch dhath, blas chlorine agus fàileadh. Bha droch dhath air a' bhùrn ann an Sealtainn, ann an Lerwick, Cullivoe agus South Yell. Gherain mòran dhaoine ann an Nis sna h-Eileanan an Iar cuideachd mu dhroch dhath air a' bhùrn ann an 2007.

Bha mòran de na daoine a ghearain mu chlorine agus fàileadh a' fuireach air Sealtainn, gu sònraichte Eela Water agus Lerwick. Thachair sin gu h-àraidh aig deireadh an Earraich agus as t-samhradh an dèidh do dh'Uisge na h-Alba atharrachadh a dhèanamh san dòigh anns an robh iad a' glanadh a' bhùirn gu chloramination. Ged a tha an dòigh sin air a chleachdadh gu cumanta ann an àitean eile, ghearain daoine san dà sgìre sin mu dhroch bhlas agus mu bhlas geur. Ged a tha piseach mòr air tighinn air an t-suidheachadh, tha daoine fhathast ag ràdh nach eil am bùrn math gu leòr agus cumaidh Riaghlaich a' Bhùirn sùil air an t-suidheachadh gus an tèid tuilleadh adhartais a dhèanamh.

Tachartasan

B' e dà thachartas a ghabh àite sna h-Eileanan. Tha sin trì nas lugha na 2006. Ann an Leumrabhagh anns na h-Eileanan an Iar, bhris an uidheam a tha a' cumail smachd air ìre chlorine. A chionn nach tàinig luchd-obrach a-mach luath, cha deach an chlorine a lorg gu 31 uairean a thìde an dèidh dha a dhol don bhùrn.

An dèidh uisge fìor throm, chaidh E.coli agus Cryptosporidium a lorg ann an eisimpleirean ann an Ronaldsay a Tuath an Arcaibh. Chaidh iarraidh air daoine a bhith a' goil a' bhùirn eadar 9 Lùnastal agus 14 Sultain. Chuir Uisge na h-Alba sìolachain airson greis an sàs aig an làrach gus an robh e comasach gnè iomchaidh den bhùrn fhaighinn.

Comhairle Nan Eilean Siar

Comhairle Nan Eilean Siar

Comhairle Eileanan Arcaibh

Comhairle Eileanan Arcaibh

Comhairle Eileanan Shealtainn

Comhairle Eileanan Shealtainn

« Previous | Contents |

Page updated: Thursday, August 14, 2008