On this page:

Gàidhlig

'S e Riaghaltas na h-Alba riaghaltas fèin-riaghailte na h-Alba.

Tha e an urra ris a' mhòr-chuid de chùisean làitheil mhuinntir na h-Alba, a' gabhail a-steach slàinte, foghlam, ceartas, cùisean dùthchail agus còmhdhail ( Liosta Slàn).

Tha e a' cumail rian air buidseat bhliadhnail nas motha na £27 billean anns a' bhliadhna-ionmhais 2005-2006 's a' dol a dh'èirich os cionn £30 billean ann an 2007-2008.

Chaidh an Riaghaltas a stèidheachadh ann an 1999, an dèidh a' chiad taghadh airson Pàrlamaid na h-Alba.

Tha an Riaghaltas air a stiùireadh le Prìomh Mhinistear a tha taghte leis a' Phàrlamaid agus bidh an neach seo an uair sin a' cur nam Ministearan Albannach eile an dreuchd.

Tha seirbheisich chatharra Riaghaltas na h-Alba cunntachail do Mhinistearan na h-Alba, a tha iad fhèin cunntachail do Phàrlamaid na h-Alba.

Page updated: Tuesday, May 15, 2007